OpenOffice 4.2.0 ReadMe

Airson an tionndadh as ùire dhen fhaidhle readme, thoir sùil air https://www.openoffice.org/welcome/readme.html

Tha fiosrachadh cudromach mun phrògram seo san fhaidhle seo. Feuch is leugh e gu cùramach mus tòisich thu air a chleachdadh.

Bu mhath le coimhearsnachd Apache OpenOffice (a tha an urra ri leasachadh a' bhathar seo) cuireadh a thoirt dhut pàirt a ghabhail mar bhall na coimhearsnachd. Mar chleachdaiche ùr de OpenOffice, gheibh thu fiosrachadh cudromach air an làrach againn an-seo https://openoffice.apache.org

Feuch is leugh na h-earrannan gu h-ìosal cuideachd mu chom-pàirteachas ann am pròiseact Apache OpenOffice.

A bheil OpenOffice saor an-asgaidh airson a h-uile duine gu dearbh?

Tha OpenOffice saor an-asgaidh airson a h-uile duine. Tha cead agad an lethbhreac seo de OpenOffice a stàladh airson uiread a choimpiutairean a thogras tu agus a chum rud sam bith a thogras tu (a' gabhail a-steach cleachdadh malairteach, riaghaltais, rianachd phoblach agus oideachais). Thoir sùil air teacsa a' cheadachais a fhuair thu an cois OpenOffice airson barrachd fiosrachaidh no https://www.openoffice.org/license.html

Carson a tha OpenOffice saor an-asgaidh airson a h-uile duine?

Tha an lethbhreac seo de OpenOffice saor an-asgaidh dhut a chionn 's gun d' fhuair e taic dealbhaidh, deuchainnidh, eadar-theangachaidh, clàraidh, airgid is margaideachd o iomadh duine agus luchd-urrais corporra - a chuidich leinn air iomadh dòigh eile cuideachd - gus OpenOffice a thoirt gu buil agus 's e am bathar-bog le còd saor airson na h-oifis a tha air thoiseach air càch a tha ann an-diugh.

Ma tha thu airson taic a chumail ri Apache OpenOffice nach gabh thu làimh ann? Faic https://openoffice.apache.org/get-involved.html airson fiosrachadh a thaobh nan rudan as urrainn dhut dèanamh no https://www.apache.org/foundation/contributing.html a thaobh thabhartasan airgid. 'S urrainn dhan a h-uile duine beagan a dhèanamh.

Nòtaichean stàlaidh

Feumaidh OpenOffice tionndadh ùr de JAVA mus obraich e gu tur; gheibhear JAVA o https://java.com.

Comasan an t-siostaim air a bheil feum

Tha iomadh distro de Linux ann agus tha diofar roghainnean ann fiù am broinn an dearbh distro (KDE vs Gnome is mar sin air adhart). Thig cuid dhe na distros le tionndadh de OpenOffice 'nam broinn agus faodaidh gum bi feartan eile ri làimh ann an coimheas ris an tionndadh de OpenOffice againne. 'S urrainn dhut OpenOffice na coimhearsnachd seo a stàladh ri taobh an fhir "native" uaireannan. Ach mar is trice, b' fheairrde dhut an tionndadh "native" a thoirt air falbh mus stàlaich thu tionndadh na coimhearsnachd sep. Thoir sùil air an treòrachadh a fhuair thu leis an distro agad airson faighinn a-mach mar a nì thu sin.

Molar gun dèan thu lethbhreac-glèidhidh dhen t-siostam agad mus doir thu air falbh no mus stàlaich thu bathar-bog.

Dèan cinnteach gu bheil cuimhne shaor gu leòr agad san eòlaire sealach agad agus gu bheil cead leughaidh, sgrìobhaidh is ruith ann mar bu chòir. Dùin gach prògram eile mus tòisich thu air an stàladh.

Duilgheadasan rè tòiseachadh a' phrògraim

Ma bhios trioblaid agad OpenOffice a chur gu dol (gu h-àraidh le Gnome) dèan 'unset' air caochladair àrainneachd SESSION_MANAGER am broinn an shell a chleachdas tu gus OpenOffice a chur gu dol. Ma chuireas tu an loidhne "unset SESSION_MANAGER" ri toiseadh sgriobt soffice shell ann an eòlaire "[office folder]/program", thèid agad air seo a dhèanamh.

Ma bhios duilgheadas ann le tòiseachadh OpenOffice (m.e. reòthadh de dh'aplacaidean) no duilgheadasan le taisbeanadh na sgrìn, 's e draibhear na cairt ghrafaigeach a dh'adhbharaicheas gu tric. Ma thachras seo, ùraich draibhear na cairt ghrafaigeach agad no feuch an draibhear a fhuair thu leis an t-siostam obrachaidh agad. Ma bhios duilgheadas ann le sealltainn de dh'oibseactan 3D, gheibhear fuasgladh air seo gu tric le bhith a' cur à comas "Cleachd OpenGL" fo "Innealan- Roghainnean - OpenOffice - Sealladh - Sealladh 3D".

Iuchraichean nan ath-ghoiridean

Only shortcut keys (key combinations) not used by the operating system can be used in OpenOffice. If a key combination in OpenOffice does not work as described in the OpenOffice Help, check if that shortcut is already used by the operating system. To rectify such conflicts, you can change the keys assigned by your operating system. Alternatively, you can change almost any key assignment in OpenOffice. For more information on this topic, refer to the OpenOffice Help or the Help documentation of your operating system.

Glasadh fhaidhlichean

Tha glasadh fhaidhlichean an comas a ghnàth ann an OpenOffice. Feumaidh an daemon glasaidh airson cliantan NFS a bhith gnìomhach air lìonra a chleachdas am pròtacal Network File System (NFS). Gus glasadh fhaidhlichean a chur à comas, deasaich an sgriobt soffice agus atharraich an loidhne "export SAL_ENABLE_FILE_LOCKING" gu "# export SAL_ENABLE_FILE_LOCKING". Ma chuireas tu glasadh fhaidhlichean à comas, bidh cead sgrìobhaidh aig duine sam bith seach dìreach a' chiad duine a dh'fhosgail sgrìobhainn àraidh.

Rabhadh: Ma bhios glasadh fhaidhlichean an sàs, faodaidh gun adhbharaich seo duilgheadasan le Solaris 2.5.1. agus 2.7 air Linux NFS 2.0. Mas e siostam mar sin a tha agad, mholamaid dhut gu mòr gun seachainn thu glasadh fhaidhlichean. Mura seachainn, reothaidh OpenOffice nuair a dh'fhosglas tu faidhle o eòlaire air muin NFS o choimpiutair Linux.

Nòtaichean cudromach mu sho-inntrigeachd

Airson barrachd fiosrachaidh a thaobh feartan so-inntrigeachd ann an OpenOffice, thoir sùil air https://www.openoffice.org/access/

Taic nan cleachdaichean

The main support page https://support.openoffice.org/ offers various possibilities for help with OpenOffice. Your question may have already been answered - check the Community Forum at https://forum.openoffice.org or search the archives of the 'users@openoffice.apache.org' mailing list at https://openoffice.apache.org/mailing-lists.html. Alternatively, you can send in your questions to users@openoffice.apache.org. How to subscribe to the list (to get an email response) is explained on this page: https://openoffice.apache.org/mailing-lists.html.

Thoir sùil air earrann nan CÀBHA cuideachd aig https://wiki.openoffice.org/wiki/Documentation/FAQ.

Ag aithris air bugaichean ┐ is duilgheadasan

The OpenOffice Web site hosts BugZilla, our mechanism for reporting, tracking and solving bugs and issues. We encourage all users to feel entitled and welcome to report issues that may arise on your particular platform. Energetic reporting of issues is one of the most important contributions that the user community can make to the ongoing development and improvement of the suite.

Gabh pàirt ann

B' fheairrde coimhearsnachd OpenOffice do com-pàirteachas gnìomhach ann an leasachadh a' phròiseict chudromach seo ann an saoghal bathar-bog le còd fosgailte.

As a user, you are already a valuable part of the suite's development process and we would like to encourage you to take an even more active role with a view to being a long-term contributor to the community. Please join and check out the user page at https://openoffice.apache.org/get-involved.html

Toiseach tòiseachaidh

Ma tha thu airson pàirt a ghabhail ann, 's fheairrde dhut pàirt a ghabhail air na liostaichean-puist. Faigh ballrachd air tè, cum sùil air cùisean greiseag no feuch na tasg-lannan airson seann chuspairean a-mach on latha a chaidh còd tùsail OpenOffice a sgaoileadh san Dàmhair 2000. Nuair a bhios misneachd gu leòr agad, cuir post-d gun liosta, mol an latha do chàch is gabh pàirt ann.

Fo-sgrìobh

Here are a few of the OpenOffice mailing lists to which you can subscribe at https://openoffice.apache.org/mailing-lists.html

A' gabhail pàirt sa phròiseact

'S urrainn dhut taic mhòr a chumail ris a' phròiseict chudromach seo ann an saoghal bathar-bog le còd fosgailte, fiù mur eil ach beagan eòlais agad air dealbhadh bathar-bog no còdachadh. Seadh, thusa!

Gheibh thu foir-shealladh air na rudan as urrainn dhut pàirt a ghabhail annta air https://openoffice.apache.org/get-involved.html, eadar eadar-theangachadh, dearbhadh càileachd is taic dhan luchd-chleachdaidh agus còdachadh. Mur eil thu 'nad leasaichear, feuch am pròiseact treòrachaidh no margaideachd. Tha pròiseact margaideachd aig OpenOffice a' cur gu feum iomairtean tradaiseanta is guerilla gus bathar-bog le còd fosgailte a bhrosnachadh agus tha sinn a' dèanamh seo ann an iomadh cànan 's cultar. Cuidichidh tu fhèin fiù mura dèan thu ach innse do charaid mun phrògram seo.

'S urrainn dhut taic a chumail rinn 's tu a' gabhail pàirt air liosta na margaideachd marketing@openoffice.apache.org far a bheil cothrom conaltraidh leis na meadhanan, buidhnean riaghaltais, luchd-comhairleachaidh, sgoiltean, buidhnean Linux agus luchd-leasachaidh 'nad dhùthaich is 'nad choimhearsnachd ionadail.

Tha sinn an dòchas gun gabh thu tlachd 'nad obair le OpenOffice 4.2.0 agus gum faic sinn thu air loidhne.

Coimhearsnachd Apache OpenOffice

Còd tùsail air cleachdadh/atharrachadh

Airson mion-fhiosrachadh mun chòd tùsail a chaidh a chleachdadh agus/no atharrachadh, thoir sùil air an fhaidhle “SANAS” a chaidh a stàladh an cois a’ phrògraim seo.